Pròiseact DVD Bhràgair
Pròiseact choimearsnachd inntinneach ...

Lorg / Search: |
||||||||||||||||||||||||||||||||
CnaG a’ leudachadh Sgeama Luchd Ceumnachaidh23mh Faoilleach 2009
Tha Comunn na Gàidhlig, buidheann leasachaidh na Gàidhlig, a’ dol a leudachadh an Sgeama Luchd Ceumnachaidh. Tha an Sgeama ag amas air oileanaich a lean cùrsaichean Gàidhlig ann an Oilthighean agus Colaistean ann an Alba agus a bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachadh Gàidhlig. Gheibh oileanaich a tha a’ ceumnachadh bho Cholaistean agus Oilthighean na h-Alba a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a tha airson a bhith ag obair ann an àrraineachd Ghàidhlig tuilleadh chothroman-obrach fheuchainn an dèidh an cuid-fòghlaim. Dh’fhoillsich a’ Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA roimhe seo gu bheil an Riaghaltas a’ cur £70,000 a bharrachd gach bliadhna anns na trì bliadhna romhainn ri Sgeama a th’air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (Cnag) agus air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean (HIE) agus an Riaghaltas fhèin. Tha an taic-airgid a bharrachd a tha CnaG a’ faotainn airson an Sgeama a’ ciallachadh gun urrainnear barrachd cothroman a thairgse do dh’oileanaich a tha air ùr-cheumnachadh. Thuirt Eairdsidh MacGilleathainn, Ceannard ChnaG: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an Riaghaltas air an fheum a tha an Sgeama a’ dèanamh do gach cuid luchd-ceumnachaidh agus na buidhnean a tha gam fastadh aithneachadh le bhith a’ cur ris an stòras a tha ga bhiathadh. An ceartuair tha sianar againn air an Sgeama. ’S e deagh chothrom a th’ anns an Sgeama seo do luchd-ceumnachaidh aig a bheil deagh sgilean Ghàidhlig obair fhaighinn airson bliadhna le buidhnean a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha buidhnean deònach dreuchdan ùr a chruthachadh agus an uairsin tha cothrom aig an luchd-ceumnachaidh cur ris an obair a tha a’ bhuidheann a’ dèanamh mar-thà, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh tron chùrsa foghlaim, agus a’ togail sgilean ùra mar a thathas a’ dol air adhart. Tha tuarastal bhliadhnail de £15,000 aig a’ char as lugha air a thairgse do luchd-ceumnachaidh agus tha cothrom aig buidhnean Gàidhlig bho air feadh Alba tagradh a chur thugainn airson taic.” Thuirt Linda Fabiani BPA, Ministear na Cultair: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba air taic a bharrachd a chomharrachadh gus comas fàs a thoirt don deagh Sgeama seo. Tha e cudromach gun leudaich sinn roinn foghlam Gàidhlig agus gun tèid trèanadh agus cothroman obair fhaighinn ann an àiteachan far am bheil Gàidhlig ga cleachdadh a thoirt do luchd-labhairt òga na Gàidhlig. Tha Comunn na Gàidhlig rim moladh airson an obair ionmholta a tha iad a’ dèanamh mu choinneimh an Sgeama seo agus bidh mi coimhead air adhart ri bhith a’ cluinntinn mu na dreuchdan far am bheil na daoine òga air am fastadh”. Tha mòran bhuannachdan rim faotainn fon Sgeama seo do luchd-Ceumnachaidh a bharrachd air dreuchdan ùra a-mhàin. Mar phàirt den Sgeama, bidh an luchd-ceumnachaidh a’ dol air Cùrsa Fèin-Leasachaidh gu Ionad Loch Iall faisg air a’ Ghearasdan airson seachdain. Thathar cuideachd an dùil cùrsa seachdain a dhealbh airson an luchd-ceumnachaidh a bheir a-steach comhairle air dreuchdan (Careers Advice) agus leasachadh sgilean mar a bhios iomchaidh don luchd-ceumnachaidh. Thuirt Anne Marvin, a th’air ùr thòiseachadh ag obair fon Sgeama, “Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh air leth cudromach ann a bhi a’ toirt cothrom do dhaoine a th’air ùr cheumnachadh cas a-steach fhaighinn a’ ghnìomhachasan far am faigh iad cothrom na sgilean aca a chleachdadh agus eòlas fhaighinn ann an saoghal na h-obrach. Tha seo gu h-àraidh cudromach ann an sgìrean far nach eil uidhir a chothroman cosnaidh ann. 'S ann tron Sgeama Luchd Ceumnachaidh aig CnaG a fhuair mi an cothrom a bhith ag obair air Pròiseact Eachdraidh Dhùn Èistein aig Colaiste a' Chaisteil. an dèidh dhomh ceumnachadh BA (le urram) Gàidhlig Cànan is Cultar aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh. Tha an obair seo a' toirt dhomh cothrom leudachadh agus cuir an gnìomh na dh' ionnsaich mi san ùine sin. Tha a' chiad cho-labhairt, “Arc-eòlais Coimhearsnachd na h-Alba' a' gabhail àite sa Chèitean 2009 agus thèid fhosgladh le Linda Fabiani BPA ,Ministear na Roinn Eòrpa, Cùisean a- muigh agus Cultar. Bidh mu 200 neach an làthair a bha ag obair gu saor-thoileach air pròiseactan arc-eòlais ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, bho Sealtainn gu na Crìochan. Bidh iad seo a' tighinn còmhladh le luchd phroifeasanta arc-eòlais gus togail ìomhaigh nam pròiseactan agus na sgìrean dham buin iad. Tha pròiseact Dhùn Èistein air cuireadh fhaighinn don cho-labhairt seo agus tha mi toilichte gun deach iarraidh orm aithisg a’ lìbhrigeadh air a shon. 'S ann sa Ghàidhlig a tha mi an dùil seo a dhèanamh, le eadar-theangachadh beò. Bidh bùithean-obrach, òraidean agus taisbeanadh de na pròiseactan arc-eòlach coimhearsnachd a tha dol air adhart ann an Alba aig an tachartas seo. Cha bhithinn air a chothrom seo fhaighinn mura biodh an Sgeama Luchd Cheumnachaidh.” A’ bruidhinn as leth Bhòrd na Gàidhlig, thuirt Art MacCarmaig, an Cathraiche Eadar-amail, ”Tha co-obrachadh mar seo eadar bhuidhnean air leth feumail agus sinn ann an suidheachadh far a bheil sinn ag amas air dreuchdan a chruthachadh a tha gu feum ann an Saoghal ùr na Gàidhlig, agus airson sgilean sònraichte a leasachadh far a bheil feum. Tha cothroman ùra a’ nochdadh fad na h-ùine agus ma tha sinn gu bhith ann an suidheachadh taic a chumail ris a’ Phlana Nàiseanta, feumaidh sinn a bhith a’ cruthachadh cothroman do leithid luchd-ceumnachaidh ach an tèid aca air cur ri na sgilean agus am fòghlam a thog iad aig fòghlam àrd-ìre. Ma bheir sinn taic do chompanaidhean is eile airson leithid seo de leasachadh, tha iad fhèin a’ buinig mar chompanaidhean agus buidhnean fa-leth; tha an luchd-ceumnachaidh ann an cosnadh cho luath sa ghabhas, agus tha sinn a’ cur ris an eaconamaidh fad na h-ùine.” |
CnaG extends Graduate Placement Scheme23th January 2009 Gaelic development agency Comunn na Gàidhlig (CnaG) is to extend its Graduate Placement Scheme, aimed at students who have pursued Gaelic courses in Scottish Universities and Colleges and wish to go on to work in areas of Gaelic development.Students who are fluent in Gaelic graduating from Colleges and Universities will now be offered new opportunities to develop their careers. First Minister Alex Salmond MSP announced recently that the Scottish Government has increased its assistance to Comunn na Gàidhlig which administers the Scheme by £70,000 a year for the next three years. The Scheme is funded by the Scottish Government, Bòrd na Gàidhlig and Highlands and Islands Enterprise. The increased support from the Scottish Government now enables CnaG to offer more assistance to new graduates. Archie MacLean, Chief Executive of CnaG said: “I am delighted that the Scottish Government has recognised the value of this Scheme to both the students themselves and the organisations which could be employing them. We currently have six students on placements. They offer students who are fluent in Gaelic and have attractive skills terrific opportunities to contribute to the work being undertaken by companies and organisations and also to develop their personal skills in employment. A minimum salary of £15,000 is offered to graduates and Gaelic organisations throughout Scotland can now avail themselves of this opportunity to develop their own operations.” Minister for Culture Linda Fabiani said: “I am very pleased that the Scottish Government has been able to identify additional support to allow the expansion of this excellent scheme. It is important that we expand the Gaelic education sector and that young Gaelic speakers are offered training and the opportunity to work in environments where Gaelic is used. I commend Comunn na Gàidhlig for the valuable work it does with this scheme and I look forward to hearing about the roles to which these young people are appointed.” Graduates stand to benefit from the Scheme in more ways than straightforward job opportunities. As part of the Scheme, graduates undertake week-long personal development courses at Loch Eil Training Centre and another week-long course is being developed to enable graduates to undertake careers’ advice and skills development at an appropriate level. Anne Marvin, who has recently started work under the Graduate Placement Scheme said, “The Graduate Placement Scheme is extremely important in that it enables new graduate to gain a foothold in the world of business where their newly developed skills can be used and honed and where they will gain experience in a working environment. This is particularly important in areas where there are few employment opportunities. It was through the Graduate Placement Scheme run by CnaG that I got the opportunity to work with the Dùn Èistean Project at Lews Castle College after graduating from Sabhal Mòr with BA (Hons) in Gaelic Language and Culture last year. This position is giving me an opportunity to broaden and apply the knowledge that I gained during that time. At the conference, “Scottish Community Archaeology” which will take place in May 2009 and which will be opened by Linda Fabiani MSP, Minister for Europe, External Affairs and Culture there will be about 200 people present who have worked voluntarily on archaeology projects in communities throughout Scotland from Shetland to the Borders. They will be meeting with professional archaeologists with an aim to raise the profile of the projects and of the communities involved. The Dùn Èistean project has received an invitation to the conference and I am pleased to have been asked to present a paper at the conference. I intend doing this in Gaelic, with simultaneous translation. At this event there will be workshops, presentations, and exhibitions on archaeological projects that are happening throughout Scotland. I would not have had this opportunity had it not been for the CnaG Graduate Placement Scheme.”
Speaking for Bòrd na Gàidhlig, Arthur Cormack, Interim Chair, said: “This type of inter-agency collaboration is invaluable when we are in a development situation creating new job opportunities in Gaelic, developing new skills to match the progress being made in key areas. New opportunities are appearing all the time and if we are to support the aims and outcomes of the National Plan for Gaelic, we must create attractive opportunities for new graduates which will enable them to contribute and build on the skills and attributes they have acquired through Higher Education. If we offer companies and organisations an appropriate level of financial assistance everyone benefits. Companies can develop and individuals can enhance their own skill levels whilst embarking on new careers, and most importantly, everyone is contributing to the ongoing development of the economy.” |
|||||||||||||||||||||||||||||||
|
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact |
©2010 CnaG
site by reefnet |
|||||||||||||||||||||||||||||||